Skip to content
YellowCard
Making medicines and medical devices safer

Gaelic

Information about reporting side effects in Gaelic.

Fiosrachadh cudromach mu bhuaidhean

Fiosrachadh cudromach mu bhuaidhean

Dh’fhaodadh gun tig buaidh bho chungaidh-leighis sam bith. Dh’fhaodadh nach eil eòlas ro mhath ann mo chuid agus ’s ann air sgàth seo a tha e cudromach do dhaoine an Sgeama a’ Chairt Bhuidhe a chleachdadh. Tha cuid de bhuaidhean nach eil ro throm, ach tha cuid eile air uair cunnartach, no a’ cur beatha dhaoine an cunnart. Tha cuid de bhuaidhean nach nochd airson ùine fhàda no an dèidh stad leis a’ chungaidh

Tha e cudromach gun innis daoine mu bhuaidh neo dùilgheadas sam bith air nach ro fios ro làimhe. Ma tha buaidh ùr ga lorg, ni an MHRA sgrùdadh air mar a bu chòir a’ chungaidh a chleachdadh anns an dòigh cheart agus bheir iad fios mu na rabhaidhean na lùib airson gum faigh luchd-cleachdaidh na buannachdan as mòtha bhuapa. Airson tuilleadh fios.

Ma tha sibh airson fios a chur air adhart mu thrioblaid mu ghoireas meidigeach, droch bhuaidh fala no ma tha sibh den bheachd nach e goireas ceart a tha agaibh.

Chan fhaod sinn comhairle meidigeach a thoirt dhuibh. Ma tha dragh oirbh mu chomharra a tha sibh den bheachd a bheir droch bhuaidh:

1. Thoir sùil air a’ bhileag fhiosrachaidh a thainig leis a’ chungaidh Tha liosta dè dhiofar bhuaidhean an seo le comhairle air dè bu chòir a dhèanamh.

2. Bruidhinn le Dotair no Neach-cungaidh

3. Bheir fòn gu NHS Direct air 0845 46 47 (fòn teacs 0845 606 46 47) ann an Sasainn no anns a’ Chuimrigh, agus NHS24 air 08454 24 24 24 (fòn teacs 18001 08454 24 24 24) ann an Alba.